Mar deidhinn

Photo of founder Sally Magnusson and her mother Mamie

‘S e buidheann-charthannais ciùil is seargadh-inntinn a tha ann am Playlist for Life. Chuireadh a’ bhuidheann-charthannais air bhonn ann an 2013 leis an sgrìobhadair is craoladair Sally Magnusson as dèidh bàs a màthar, Mamie, a dh’fhuiling le seargadh-inntinn. Tha ar sealladh simplidh: tha sinn ag iarraidh gum bi clàr-cluiche pearsanta fa leth aig gach neach le seargadh-inntinn agus gum bi fios aig an neach-dàimh is neach-cùraim gu lèir  ciamar a chleachdas iad e.

Buadhan clàran-cluiche phearsanta

Thairis air fichead bliadhna de rannsachadh saidheans thathas air sealltainn gun toir èisteachd ri clàr-cluiche pearsanta deagh-bhuaidh air beatha dhaoine le seargadh-inntinn. Gu dearbh, ‘s iomadh buannachd dhan inntinn an tha an cois èisteachd ri ceòl a tha brìoghmhor gu pearsanta, gheibh neach sam bith buannachd à clàr-cluiche. Faodaidh clàran-cluiche pearsanta:

  • cuideachadh le iomagain
  • do chuir ann an sunnd nas fheàrr
  • obair dhuilich a dhèanamh nas fhasa
  • cuimhne a dhùsgadh a chuidicheas le teaghlaichean is luchd-cùraim ceangal a dhèanamh.

Cleachdaidh Playlist for Life buaidhean cumhachdach ciùil phearsanta gus cuideachadh le neach sam bith fo bhuaidh seargadh inntinn, an teaghlaichean is a luchd-cùraim. Ged a b’ e ceòl bhon chiad dannsa, tàladh on òige, no ceòl à prògram telebhisein, bheir ceòl sinn air ais gu uair eile agus eachdraidh ar beatha a chuir nar cuimhne, gar toirt air ais. Faodaidh do chuid òrain is cuimhne cuideachadh le daoine le seargadh-inntinn ceangal a dhèanamh le teaghlach, caraidean is luchd-cùraim. 

Tòisich

Tha ceòl anns a h-uile h-àite agus na phàirt de ar beatha làitheil. Tha do chlàr-cluiche pearsanta cho sònraichte riut fhèin, bu chòir ceòl a tha pearsanta is a tha dùsgadh deagh chuimhne no faireachdainnean mhath a bhith anns a’ chlàr-cluiche agad. Bu chòir fuinn a bhith ann a bheir air ais thu uair sam bith a chluinneas tu iad, a bhios gad thoirt air ais gu uair, neach no àite eile. Uile gu lèir nì iad clàr-cluiche do bheatha. 

Tha tòiseachadh cho furasta ri èisteachd ri ceòl no seinn fhèin. Am bheil òrain ann a tha dùsgadh cuimhne? Sgrìobh iad. Tha thu mar-thà a’ cruthachadh clàir-cluiche phearsanta dhut fhèin!

Gus do chlàr-cluiche phearsanta a chruthachadh, feumar ceòl a lorg a tha sònraichte dhuinn fhìn agus a chuir ann an aon àite. Faodaidh do chlàr-cluiche phearsanta a bhith goirid no fada. Faodar a sgrìobhadh air pàipear. Faodar a chlàradh is a mheasgachadh air teip no air coimpiutair le prògram mar Spotify no iTunes.

Feuch am faigh sibh cuid de na goireasan saor is an asgaidh a tha againn gus cuideachadh aig gach ìre de chruthachadh do chlàr-cluiche fhèin: bho bhith a’ lorg fuinn gu ceòl a chleachdadh gu h-èifeachdach is clàr-cluiche a chuir gu feum ann am beatha làitheil. 

Goireasan

PDF Tòiseachaidh (clàr didseatach eadar-ghnìomhach) 

Faigh a-mach mu bhuannachdan clàran-cluiche pearsanta agus ciamar a nithear ceangal tro cheòl

Clàran-cluiche Spotify

Tha na clàran-cluiche Spotify againn  a’ dèiligeadh ri  farsaingeachd chuspairean is tha iad rim faighinn saor is an asgaidh